Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina | |
---|---|
| |
Stèidhichte | 1 dhen Fhaoilleach 1652 |
Dùthaich | A' Ghearmailt |
Oifis | Halle (Saale) |
Is acadamh nàiseanta na Gearmailt a tha ann an Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina (Gearmailtis: Deutsche Akademie der Naturforscher Leopoldina).
Chaidh a stèidhicheadh mar Academia Naturae Curiosorum ann an 1652 ann an Schweinfurt le ceithir lèighean is Johann Laurentius Bausch na chiad ceann-suidhe. D' fhuair e aonta o Ìmpire Leopold I ann an 1677 is saorsa o chaisgireachd ann an 1687.[1] Dh'imrich an t-acadamh do Halle (Saale) ann an 1878 is a leabharlann o Dhresden ann an 1879.[2] Chaidh e na acadamh oifigeil na Gearmailt ann an 2009.[3]