B' e neach-poileataigs à Alba a bh' ann an Sir Ailig MacFhearghais (8 Giblean 1949 – 31 Iuchar 2018) (Beurla: Alex Fergusson).
Bha e na bhall ann am Partaidh Tòraidheach na h-Alba. Bu e ball Pàrlamaid na h-Alba a bh' ann bho 1999 gu 2016. Bu e an treas Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba bho 2007 gu 2011.[1]
Chaidh e a thaghadh mar BhPA airson Gall-Ghàidhealaibh agus Bràigh Nid ann an 1999. Mhair e mar BhPA nuair a chaidh an seat Gall-Ghàidhealaibh agus Dùn Phris an Iar ann an 2011. Sheas e sìos ann an 2016.