'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Annabelle Ewing BPA.
Rugadh i ann an Glaschu ann an 1960. Tha Winnie Ewing, neach-poileataigs agus nàiseantach ainmeil, na màthair. Bha i na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich i lagh. Dh'obair i mar neach-lagha mus deach a thaghadh mar BhP airson Peairt ann an 2001. Chaill i a seat ann an 2005 ach thaghadh i mar bhall liosta airson Alba Mheadhanach agus Fìobh ann an 2011. Chaidh i na BPA airson Cowdenbeath ann an 2016 agus na Ministear airson Sàbhailteachd Coimhearsnachd agus Cùisean Laghail san Riaghaltas na h-Alba san Cèitean 2016.[1] Chaill i a dreuchd mar mhinistear san Ògmhios 2018.[2] Tha i na ball Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha a bhràthair, Fearghus Ewing, cuideachd na BhPA.