Bamako | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Bamako |
Sgìre | Bamako |
Co-chomharran | 12° 39 00' Tuath 08° 00 00' Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 252 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,809,106 (2009) |
Dlùths | 7,178.99/km² |
Duilleag oifigeil | http://www.ville-bamako.org/ |
'S e prìomh-bhaile Màili a tha ann am Bamako.[1] Tha e suidhichte air bruach an Abhainn Niger ann an iar-dheas na dùthcha. 'S e seo an co-chomharran aige: 12° 39’ Tuath agus 8° 0’ Iar [2]. Tha Bamako 714km air falbh bho Chonakry (Gini), 442km bho Yamoussoukro (Costa Ìbhri), 1,100km bho Niamey (Niger) agus 1,011km bho Thiombuctu.[3] Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha, aig 350m os cionn ìre na mara.[4]
Anns a’ bhliadhna 2006 bha 1,690,471 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich a tha ann. Canar gur e Bamako am baile a dh’fhàsas as luaithe a-rèir àireamh-shluaigh a tha ann an Afraga[5].'S e teas meadhan malairteach a th’ ann agus tha port aige. Tha gnìomhachas aodaich, meatailt agus iasgaich gu math làidir. Thàinig an t-ainm Bamako às a' chanan Bambara, tha e a' ciallachadh "Boglach Chrogaill [6].