Bangui | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Ombella-M'Poko |
Co-chomharran | 4° 20" Tuath 18° 35" Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 67 km² |
Àireamh-shluaigh | 622,771 (2003) |
Dlùths | 9,295.09/km² |
'S e prìomh-bhaile Poblachd Meadhan Afraga a tha ann am Bangui. Anns a’ bhliadhna 2003 bha 622,771 duine a’ fuireach an seo. ‘S e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte faisg air an Abhainn Ubangi, a tha na chrìochan eadar Poblachd Dheamocrach na Congo agus Poblachd Meadhan Afraga. Tha Bangui 786km air falbh bho Yaoundé (Camarun), 955km bho N'Djamena (An t-Siad), 1,970km bho Khartoum (Sudan), 1,445km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,033km bho Khinshasa (Poblachd Dheamocrach na Congo) agus 1,027km bho Bhrazzaville (A' Chongo).[1] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 374m os cionn ìre na mara.[2]
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1889 anns a’ cholonaidh fhrangach Haut-Oubangui. Dh’fhàs am baile nas motha timcheall air an àite shaighdearach. [3] Tha port aige, tha bàtaichean-aiseig a’ dol gu Brazzaville agus Zongo. Tha Bangui ceangailte le rathaidean mòra gu Camarun, chun an t-Siad agus gu Sudàn. Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann cuideachd: Bangui M'Poko International Airport.