Bucaramanga
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
![]() | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Roinn | ![]() | ||||
Sgìre | Cordillera Oriental | ||||
Àirde | 959m | ||||
Co-chomharran | 06° 11' 16' Tuath 67° 28' 23' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 117 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 516,512 (2005) | ||||
Dlùths | 4,414.63/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Bhucaramanga |
‘S e prìomh-bhaile na roinne Santander, ann an Coloimbia, a th’ann am Bucaramanga ( bu.ka.ɾa.maŋ.ga).[1] Tha e suidhichte faisg air Barrancabermeja, aig 959m os cionn ìre na mara agus 379km air falbh bho Bhogotá.[2] agus tha teodhachd meadhan dhe 26° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1622 anns an sgìre ris an canar Sliabh an Ear (Spàinntis: La Cordillera Oriental) anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan agus ‘s e am baile le ìre cion-cosnaidh nas lugha na dùthcha. Tha cunntas-sluaigh dhe 516,512 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[3] 'S e Bucaramanga an 8mh baile as motha na dùthcha[4] agus an 89mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[5]