Ceit Fhoirbeis | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||
5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 ← Dave Thompson Sgìre: An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach Taghadh: Taghadh Albannach 2016
6 dhen Chèitean 2021 - Sgìre: An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach Taghadh: Taghadh Albannach 2021
18 dhen Chèitean 2021 - | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Inbhir Pheofharain, 6 dhen Ghiblean 1990 | ||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam |
Acadamh Inbhir Pheofharain Selwyn College (en) ![]() | ||||||
Cànain |
Beurla Gàidhlig | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann an Ceit Fhoirbeis, BPA (Beurla: Kate Forbes).
Bha i na sgoilear aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus dh'ionnsaich i eachdraidh aig Oilthigh Chambridge. An dèidh do rinn i ceum maighstireachd air eachdraidh de dh'eilthireachd aig Oilthigh Dhùn Èideann, dh'obair i airson Dave Thompson BPA agus mar chunntasair airson Barclay's.[1]
Chaidh na BPA airson An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach ann an 2016 is na Ministear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconomaidh Didseataich nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit ann an 2018.[2] Ann an 2020 ghabh i òraid a' bhuidseid is i na chiad bhean a rinn sin às dèidh Derek Mackay leig a dhreuchd dheth,[3] agus an-sin chaidh i na Rùnaire Ionmhais.[4] Ghabh Iain MacShuibhne a h-àite nuair a chaidh i air fòrladh màthaireil ann an 2022.[5]