Cille Bheathain

Cille Bheathain

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 55′ 00″ Tuath
03° 37′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 643[1] (2011)
Àireamh fòn 01387

'S e baile beag dùthchasail ann an ceann a tuath na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Cille Bheathain (Beurla/Beurla Ghallda: Kirkbean). Tha e suidhichte aig 84m os cionn ìre na mara,[2] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A710 eadar Sandyhills agus An Abaid Ùr, ri taobh an Uillt Chille Bheathain.[3] Tha e 265km air falbh bho Obar Dheathain, 113km bho Ghlaschu, 30km bho Chille Chuithbeirt agus 118km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Bheathain. Tha eaglais agus talla ann an Cille Bheathain.[5] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Dail Bheithe.[7]

  1. EVI
  2. Falling Rain
  3. Scotland's Places[dead link]
  4. Luftlinie
  5. List
  6. Kirkbean Primary[dead link]
  7. Douglas Ewart High School[dead link]

From Wikipedia, the free encyclopedia · View on Wikipedia

Developed by Nelliwinne