Comhairle Lodainn an Iar | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Poileataigs | |
Feartan fiosaigeach | |
Duilleag oifigeil | https://www.westlothian.gov.uk/article/1843/Home |
'S e comhairle ionadail a tha ann an Comhairle Lodainn an Iar a tha a' dèiligeadh ri Lodainn an Iar.
Chruthaich an Achd Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973 siostam ùr de chomhairlean agus Roinn Lodainn le ceithir comhairlean sgìreil, Baile Dhùn Èideann, Lodainn an Ear, Lodainn Mheadhanach agus Lodainn an Iar.[1] Sgaoileadh na comhairlean roinneil ann an 1995 agus fhuair Comhairle Lodainn an Iar na h-uallaichean aice.
Tha naoi uàrdan ann an Lodainn an Iar: Armadal is An Druim Dubh,[2] Bathgate,[3], Broxburn, Uphall is Winchburgh,[4] Baile Dhunlèibhe an Ear is Caladar an Ear,[5] Fauldhouse is Srath Bhrìch,[6] Gleann Iucha,[7] Baile Dhunlèibhe a Tuath,[8] Baile Dhunlèibhe a Deas,[9] agus An t-Allt Bàn is Blackburn.[10]