Conakry | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Conakry fhèin |
Co-chomharran | 09° 30 33' Tuath 13° 42 44' Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 100 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,871,195 (2005) |
Dlùths | 18,711.95/km² |
'S e prìomh-bhaile Ghini a tha ann an Conakry neo Konakry (Cànan Maninka: Kɔnakiri). Tha e suidhichte air an Eilean Tombo anns a’ Chuan Siar. Ach tha e a’ gabhail a-steach an Kaloum Peninsula a-nis cuideachd, o chionn 's gun do dh’fhas am baile nas motha. Mar sin chan urrainnear a ràdh le cinnt cia mheud daoine a’ tha a’ fuireach an seo. Tha an U.S. Bureau of African Affairs ag ràdh gu bheil mu dhà mhillean duine ann. [1] 'S e am baile as motha den dùthaich a tha ann cuideachd. 'S e seo an co-chomharran aige: 9° 30’ 33” Tuath agus 13° 42’ 44” Iar. Tha Conakry 538km air falbh bho Bhanjul (A' Ghaimbia), 714km bho Bhamako (Màili), 990km bho Nouakchott (Moratainia agus 705km bho Dhakar (Seanagal).[2] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 336m os cionn ìre na mara.[3]
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1887. Bho 1904 bha e na phrìomh-bhaile French Guinea. 'S e teas meadhan malairteach a tha ann. 'S e am port as motha den dùthaich a tha ann an Conakry, tha iad a’ cuir alman agus bananas gu thìr eile.[4]
Tha còig ceàrnan anns a' bhaile an-diugh: