Contae Aontroma | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Còigeamh | Còigeamh Uladh |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,844 km² |
Àireamh-shluaigh | 566,400 () |
Dlùths | 199.16/km² |
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Aontroma[1] (tuiseal ainmneach: Aontroim,[2] Goidelc: Oentreb).[3] Tha e suidhichte ann an àirde an ear-thuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 566,400 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,844km²,[4] an naoidheamh siorramachd as motha ann an Èirinn a thaobh fharsaingeachd agus an fear as motha a thaobh àireamh-sluaigh ann an Èirinn a Tuath. Tha crìochan aig Contae Aontroma le Doire agus An Dún.[5] Bha 276,188 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[6] 'S e Trostán (550m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[7] Chaidh Comhairle Chontae Aontroma a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[8]