Contae Dhoire | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Còigeamh | ![]() |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,074 km² |
Àireamh-shluaigh | 232,174 () |
Dlùths | 111.95/km² |
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Dhoire[1] (tuiseal ainmneach: Doire).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 214,800 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,074km²,[3] an 15mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an còigeamh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae Dhoire le Tír Eoghain, Aontroim agus Dún na nGall.[4] Bha 232,174 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Dónaird (589m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]
Chaidh Contae Dhoire a chruthachadh ann an 1613 le Seumas VI is 12 companaidhean lìbhre à Lunnainn.[7]
Chaidh Comhairle Chontae Dhoire a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[8]