Cromba | |
Cromba, sealladh air a' phort-mara | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 40′ 51.6″ T 4° 2′ 6″ I |
Comharradh-clèithe | NH785675 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 719 (2001) |
Àireamh fòn | 01381 |
Còd-puist | IV11 |
'S e baile ann an Ros an Ear a tha ann an Cromba (Beurla: Cromarty)[1]. Tha e suidhichte air an Eilean Dubh aig inbhir Linne Chrombaidh. Tha Inbhir Ghòrdain mu 5 mìltean air falbh air an taobh eile den linn.
Anns a' bhliadhna 2001 bha 719 duine a' fuireach an seo[2]. Tha port-mara aig Cromba agus tha a' chuid as motha den bhaile, eadar Shore Street agus Marine Terrace na raoin-ghlèidhteachais[3]. Ear air a' bhaile tha aon de na Sùdraichean Chrombaigh (Sutors of Cromarty) ann. Bha Cromba na phrìomh-bhaile den t-Siorrachd Chromba.
Bha dualchainnt sònraichte de dh'Albais ga bruidhinn ann an Cromba a bha cumanta a-measg nan iasgairean[4]. Ged-tà, chaochail am fear mu dheireadh aig an robh an cànain, Bobby Hogg, anns an Dàmhair 2012 agus mar sin chaidh an cànain a bith [5][6]. Chaidh an dualchainnt a chlàradh le "Am Baile"[7].