Eilean nam Muc | |
![]() | |
Eilean nam Muc - Port Mòr | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | A' Ghàidhealtachd |
Innis-mhuir | Na h-Eileanan Tarsainn |
Co-chomharran | 56.834167º T 6.248889º I |
Comharradh-clèithe | NM408794 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 5.59 km² |
Àireamh-shluaigh | 27 (2011) |
Dlùths | 4.83/km² |
Tha Eilean nam Muc (IPA: [ˈelan nə 'muxk]) na eilean anns na h-Eileanan Tarsainn. Tha an t-eilean 2.5 mìle (4 km) a dh'fhad. Tha e cho farsaing ri 2.2 mìle ceàrnagach is nas motha na Eilean Chathastail agus Eilean nan Each anns an innis-mhuir seo.
Anns a' bhliadhna 2011 bha 27 daoine a' fuireach air an eilein. 'S e Port Mòr am port-mara aige, tha an cuid as motha de na daoine a’ fuireach an seo. 'S e an tuathanas Gallanach an tuineachadh eile a tha ann.
'S e Beinn Airein (137 m) a' bheinn as àirde a tha air an eilein.
Tha Eilean nam Muc ainmeil airson nan ròin agus nan mucan-bhiorach a tha gu math iomadach anns a’ mhuir timcheall air an eilean.
Chan eil an t-ainm "Eilean nam Muc" ceangailte leis a' mhuc idir. 'S e ainm goirid airson muc-mhara a tha ann. [1]