Euro

Gorm: Dùthchannan san Aonadh Eòrpach leis an Euro
Buidhe: Dùthchannan san Aonadh Eòrpach anns an ERM
Dearg: Dùthchannan san Aonadh Eòrpach gun ERM
Purpaidh: Dùthchannan taobh a-muigh an Aonadh Eòrpaich leis an Euro
Yellow: Andorra, Monaco; San Mariono, Vatican
Notaichean agus bonn-airgid Euro

'S e an Euro (samhla: €; còd-bhancaidh: EUR) an t-airgead oifigeil anns na dùthchannan a leanas den Aonadh Eòrpach[1]: A' Bheilg, Cìopras, an Eadailt, Eastòinia, Éirinn, an Fhraing, a' Ghearmailt, a' Ghrèig, an Laitbhe, Liotuàinia, Lucsamburg, Malta, An Ostair, a' Phortagail, an t-Slòbhac, Sloibhinia, an Spàinn, Suòmaidh, na Tìrean Ìsle,[2][3] Còmhla, 's iad "ceàrn an euro" (Beurla: Eurozone) mar a chanas feadhainn - agus mar sin tha an Euro air a chleachdadh mar airgead airson barrachd air 300 millean neach anns an Roinn Eòrpa. Ma chunntas sinn àitean le airgead ceangailte ris an Euro tha buaidh aige air còrr is 480 millean neach 'san t-saoghal.

  1. Faclair na Pàrlamaid
  2. Eurozone Portal Làrach oifigeil. A' tarraing air 20 an Dàmhair 2014.
  3. Rosenberg, Matt (23 Cèitean 2010). About.com "Euro Countries: 22 Countries use the Euro as their Official Currency". A' tarraing air 27 Dùbhalchd 2010

From Wikipedia, the free encyclopedia · View on Wikipedia

Developed by Nelliwinne