Groningen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Groningen | ||||
Co-chomharran | 53° 12 54' Tuath 06° 34 04' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 83.69 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 192,735 (2012) | ||||
Dlùths | 2,302.96/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 050[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Leeuwarden agus Assen, air an àirde an ear-thuath nan Tìrean Ìsle a th' ann an Groningen (IPA: ɣroː.nɪ.ŋə(n), Fraingis: Groningue, Frysk: Grins, Grunnegs: Grunnen, Laideann/Spàinntis: Groninga). Tha e suidhichte 16m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn (Duitsis: provincie) Groningen, 147km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 202km bho Rotterdam, 198km bho Den Haag, 210km bho Tilburg agus 159km bho Utrecht.[3] Chaidh Groningen a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1040 agus stèidheachadh oilthigh an seo ann an 1614. Tha 192,735 duine a' fuireach ann.[4] A bharrachd air sin, ‘s e an seachdamh baile as motha na dùthcha a th’ann an Groningen.[5]