Gustavo Rojas Pinilla | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
1950 - 1 dhen Ògmhios 1951
31 dhen Chèitean 1953 - dhen Ògmhios 1953
13 dhen Ògmhios 1953 - 10 dhen Chèitean 1957 | |||||||
Beatha | |||||||
Ainm slàn | Gustavo Rojas Pinilla | ||||||
Breith | Tunja, 12 dhen Mhàrt 1900 | ||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||
Bàs | Melgar, 17 dhen Fhaoilleach 1975 | ||||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (greim-cridhe) | ||||||
Teaghlach | |||||||
Cèile | Carolina Correa Londoño (en) | ||||||
Clann |
liosta
| ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | Oilthigh Trine | ||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | einnseanair-thogalach, neach-poileataigs agus einnseanair | ||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||
Seirbheis san arm | |||||||
Meur an airm | Arm Nàiseanta Choloimbia | ||||||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||||||
Creideamh | |||||||
Creideamh | Caitligeachd | ||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Caidreachas Nàiseanta nan Daoine |
B' e saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia bh’ ann an Gustavo Rojas Pinilla (Tunja, 12 am Màrt 1900, Melgar, 17 am Faoilleach, 1975).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 13 an t-Ògmhios 1953 agus 10 an Cèitean 1957, nuair a bha cogadh neo-fhoirmeil a’ sgiùrsadh na dùthcha.[2] Bhuineadh Rojas Pinilla do theaghlach beairteach: bha oighreachdan aca agus bha athair na shaighdear ann an Cogadh na Mìle Làithean. Chaidh e dhan Oilthigh Trince ann an Indiana. Phòs e Carolina Correa Londoño à Támesis ann an 1930 agus rug i triùir duine-cloinne dha.[3]
An dèidh Acadamaidh an Airm fhàgail ann an 1927 chaidh e dhan oilthigh anns Na Stàitean Aonaichte agus bha e na innleadair fad bliadhnachan. Bha e an lùib an cogadh eadar Coloimbia agus Pearu ann an 1932 agus chaidh a chur thall thairis gus armachd a cheannachd dhan dùthaich ann an 1943. B’ e esan a chuir sìos ar-amach ann an Cali ann an 1948 cuideachd, an dèidh gun do mharbhadh Jorge Eliecer Gaitán. Chuir e seachad bliadhnachan na mhinistear agus bha e ann an Coirea cuideachd, mus do ghabh e thairis an Riaghaltas ann an 1953, mar dheachdaire.[4] Nuair a bha e os cionn na dùthcha rinn e mòran a thaobh chòirichean bhòtaidh airson nam ban agus ospadalan.[5] Bha e na thagraiche dhan cheannas ann an 1962 agus 1970, ach dh’fhàilnig e dà thriop. Chaochail e le greim cridhe aig an taigh ann an 1975.