Inbhir Anainn | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 58′ 59″ Tuath 3° 15′ 58″ Iar |
Comharradh-clèithe | NY 190 661 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 8,389 (2001) |
Àireamh fòn | 01461 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail agus port iasgaich faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Inbhir Anainn neo Anainn. Tha e suidhichte aig 20m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an iar-dheas Dhùin Phris is Ghall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Cathair Ruairidh agus Greatna, ri taobh na h-aibhne Anainn.[2] Tha e 251km air falbh bho Obar Dheathain, 116km bho Ghlaschu, 24km bho Dùn Phris agus 107km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a' mhòr-chuid dhuibh ann an Inbhir Anainn, ged a tha Pòlais làidir cuideachd. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd, taighean-gnìomhachais agus dreuchdan ann an Cathair Luail. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha ceithir bun sgoiltean agus àrd sgoil ann.[4] Ann an 2001 bha 8,389 duine a' fuireach an seo. [5] Tha an t-Slighe Srath Anainn air a bhith a' dol tron bhaile bho 2009.[6]