'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Jamie Hepburn BPA.
Rugadh e ann an Glaschu ann an 1979. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Dh'obraich e mar chuidiche pàrlamaideach mus deach a thaghadh mar BhPA airson Comar nan Allt agus Cill Saidh ann an 2007. Tha e na bhall Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.[1] Chaidh e na mhinistear airson cosnaidh agus trèanaidh ann an 2016[2] agus na mhinistear airson neo-eisimeileachd anns a' Mhàirt 2023.[3]