Cartúm/الخرطوم | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Khartoum fhèin |
Co-chomharran | 15° 38 00' Tuath 32° 32 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 639,598 (2008) |
Àireamh fòn | + |
'S e prìomh-bhaile Sudàn a tha ann an Cartúm, Arabais: الخرطوم al-Kharṭūm. (a' ciallachadh: com an oilbheint). Tha e suidhichte far a bheil an Abhainn White Nile agus an Abhainn Blue Nile a tha a’ tighinn an aon mar Abhainn Nile. Canar "the Mogran" ris an àite seo. Tha Khartoum 1,196km air falbh bho Dhiuba (Sudan a Deas), 1,613km bho Chairo (An Èipheit), 686km bho Asmara (Eartra), 2,738km bho Tripoli (Libia), 1,926km bho N'Djamena (An t-Siad), 989km bho Addis Ababa (An Aetiòp) agus 1,970km bho Bhamako (Poblachd Meadhan Afraga).[1] Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, aig 379m os cionn ìre na mara.[2]
'S e seo an co-chomharran aige: 15° 34’ Tuath agus 33° 36’ Ear. Tha e suidhichte san àirde a deas na Fàsaich Bhayuda. Chaidh am baile a stèidheachadh le Ibrahim Pasha anns a’ bhliadhna 1821 airson saighdearan às an Èipheit a stèidheachadh an seo. Ach dh’fhàs an tuineachadh nas motha mar àite malairt. Anns a’ bhliadhna 1899 bha Khartoum na phrìomh-bhaile Anglo-Egyptian Sudàn. An dèidh neo-eisimeileachd Shudàn ann an 1956 's e prìomh bhaile den dùthaich ùr cuideachd.