Misael Pastrana Borrero | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
1 dhen t-Sultain 1961 - 16 dhen t-Samhain 1961
7 dhen Lùnastal 1970 - 7 dhen Lùnastal 1974 ← Carlos Lleras Restrepo - Alfonso López Michelsen → | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Neiva, 14 dhen t-Samhain 1923 | ||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||
Ciad chànan | Spàinntis | ||||||
Bàs | Bogotá, 21 dhen Lùnastal 1997 | ||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra | ||||||
Teaghlach | |||||||
Cèile | María Cristina Arango Vega (en) (24 dhen Ghearran 1951 - | ||||||
Clann |
liosta
| ||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam |
Oilthigh Javeriana St. Bartholomew Major College (en) | ||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | dioplomat, neach-teagaisg oilthigh, neach-lagha agus neach-poileataigs | ||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
B' e eaconomaiche, fear-lagha, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia bh’ ann am Misael Pastrana Borrero (Neiva, 14 an t-Samhain 1923 - Bogotá, 21 an Lùnastal 1997).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnasdal 1970 agus 7 an Lùnasdal 1974.[2] 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineadh e: bha a mhac, Andrés Pastrana Arango, na cheann-suidhe bliadhnaichean an a dhèidh, eadar 1998 agus 2002. A bharrachd air sin, bha càideas fad às aige ri Mercedes Cabal Borrero, bean Mhanuel Mharía Mhallarino.[3] Chaidh e dhan Oilthigh Javeriana ann am Bogotá. Phòs e aig María Cristina Arango Vega à Bogotá ann an 1951 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[4] Tha ise a' buntainn do theaghlach cumhachdail, le ceanglaichean dhan Phàrtaidh Libearalach. Theab Pastrana Borrero bàsachadh ann an tubaist phlèana ann an 1938. Chaochail e le aillse mheirbheach.[5]
‘S e ball a’ Phàrtaidh Thòraidh Choloimbia a th’ ann Pastrana agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar thosgair thall ann an Cathair na Bhatacain agus anns Na Stàitean Aonaichte. Nuair a thill e dhan dùthaich bha a na rùnaire dhan cheann-suidhe Mariano Ospina Pérez. Bha e na mhinistear na Stàite fo Guillermo León Valencia agus na ionmhasair fo Carlos Lleras Restrepo. Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an 1970. B' e Pastrana Borrero a dh' fhosgail an taigh-ghnìomhachais Renault ann an Envigado,[6] air sàilleabh gu robh prògram-leaschaidh malairt ann. Cuideachd dh'atharraich e siostam na slàinte, thug e piseach air còirichean nam banntraichean agus nan dìlleachdan, leasaich e na peinnseanan agus an còmhdhail.