B' e Muammar Muhammad Abu Minyar al-Gaddafi, neo dìreach Muammar Al-Gaddafi (Arabais:مُعَمَّر القَذَّافِي/معمر محمد أبو منيار القذافي) (Qasr Abu Hadi, 19mh An t-Ògmhios 1942 – 20mh An Dàmhair 2011) saighdear à Libia[1] agus bha e na Dheachdaire an siud bho 1969 gu ruige 2011.[2] Chaidh e a chur gu bàs anns an t-sràid le feachdan an riaghaltais ùir.[3] Fhuair e dubh-chàineadh air feadh an t-saoghail air sgàth na rinn e nuair a bha e os cionn riaghaltas na dùthcha aige.[4] A bharrachd air sin, bha e ainmeil airson a chuid taic a chur gu buidhnean ceannarcach air feadh an t-saoghail.[5]