'S e buidheann de eileanan san àird an iar-thuath na h-Alba a tha anns na h-Eileanan a-staigh. Tha an cuid as motha dhiubh nam pàirt den Chomhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd, ged a tha an t-Eilean Sgitheanach agus na h-eileanan beaga a tha timcheall air ceangailte le Comhairle a’ Ghàidhealtachd.
Tha roinn na turasachd gu math làidir air na h-eileanan. Tha na h-Eileanan a-staigh ainmeil cuideachd airson uisge-beatha, m.e.: Laphroaig neo Talisker. Tha mòran taighean–stail ann, gu h-àraidh air Ìle.