Opanas Slastion | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Berdiansk, 14 dhen Fhaoilleach 1855 |
Dùthaich |
Impireachd na Ruise Ukrainian State Ukrainian Soviet Socialist Republic Ukrainian People's Republic Russian Republic ![]() |
Bàs | Myrhorod, 24 dhen t-Sultain 1933 |
Foghlam | |
Cànain | Ucràinis |
Oileanaich |
Q117075368 ![]() Q97182478 ![]() |
Dreuchd | |
Dreuchd |
peantair, ailtire, graphic artist (en) ![]() ![]() |
Àitichean-obrach | Myrhorod |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Inneal-ciùil |
bandura (en) ![]() |
B' e ailtire, neach-teagaisg, neach-ealain grafaigeach, peantair agus eitneòlaiche Ucràineach/Sobhiatach a bh' ann an Opanas Heorhiyovitch Slastion (Ucràinis: Опанас Георгійович Сластьон, Berdiansk, 2 am Faoilleach 1855 - Myrhorod, 24 an t-Sultain 1933).[1] Bho a mhàthair, Maria Martynivna, chuala e mòran sgeulachdan sìthe agus òrain dùthchail. Thog i ùidh ann am bàrdachd traidiseanta (Ucràinis: кобзарства). Fhuair e a chuid foghlaim aig sgoil-ealain ann am Sankt Peterburg, far an robh e bho 1874 gu ruige 1882. Thug Taras Shevchenko buaidh uabhasach fhèin làidir airsan. Fhad 'sa bha e na oileanach ann an Sankt Peterburg, dheidheadh Slastion agus a charaid Martynovych gu ruige na h-Ucràine gach bliadhna, far a pheantadh iad beatha luchd-tuatha. Mar sin, ann an 1875 - 1876, air turas-samhraidh dhan Pholtavshchyna, thadhail Opanas air Pyriatyn agus Lokhvytsia sa Pholtavshchyna. An seo pheant e dealbhan de ghrunn bàird agus chlàraich e iomadh cusbainnt dùthchasail.[2]