Poll an Achaidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 53′ 38" Tuath 3° 50′ 27" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 148 (2011) |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Palnackie aig Discover Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Caisteal Dhùghlais air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Poll an Achaidh. Tha e suidhichte aig 8m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Achadh nan Càrn agus Dail Bheithe, ri taobh na h-aibhne Uisge Urr. Tha e 27 km air falbh bho Dhùn Phrìs, 109 km bho Glaschu, 77 km bhon An t-Sròn Reamhar agus 125 km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha dìreach 148 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Poll an Achaidh, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas.