Penrhyndeudraeth | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | ![]() |
Co-chomharran | 52° 48’ Tuath 05° 21′ Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 2,467 (2001) |
Àireamh fòn | 01766 |
Duilleag oifigeil | penrhyndeudraeth.cymru.org |
'S e clachan ann an ceann a tuath na Cuimrigh a th' ann Penrhyndeudraeth. Tha an t-ainm a’ ciallachadh "Leth Eilean le dà chladaich" anns a’ Chuimris, leis gu bheil e eadar dà tràigh, Traeth Mawr agus Traeth Bach. Tha am baile fhèin aig 13m os cionn ìre na mara.[1] Tha e suidhichte anns an t-Siorramachd (Cuimris: Sir) Gwynedd, faisg air na h-aibhnichean Glaslyn agus Dwyryd, eadar Minffordd agus Tan-y-Bwlch agus faisg air Portmeirion. Tha Penrhyndeudraeth air an àirde an iar na siorramachd, dìreach ri taobh na Pàirce Nàiseanta Eryri (Beurla: Snowdonia). Tha prìomh-oifis ùghdarras na Pàirce Nàiseanta suidhichte ann am Penrhyndeudraeth.
Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 19mh linn. Ann an 2001 bha 2,467 daoine a’ fuireach anns an sgìre.[2]