Bho thùs, ann an linn nan Sagsonaich (A thug ainm do Ear-Dheas na Breatuinn), cha b' ann an punnd Shasannach ach cumhachd cheannaich Punnd Troigh de miotail airgead. Gu ìre mhòr, chleachd dùthaich Tuatha na h-Eòrpa airgiod mar meadhan-mhalairt agus tìrean deasach na h-Eòrpa òr. Ann an Sasunn agus Alba, bha an 1/240mh phairt den phunnd aithnichte a bhi na chuideam-pheighinn, agus b' e sin an cuideam airgid a bha anns a' pheighinn Sasunnach roimhe linn nan Tormodaich. As deidh 1066, mean air mhean mheasgaich rìghrean na Sasuinn bun-mheatailtean le airgiod nam buinn agus chaidh luach an "airgid" seo sìos. Chaidh rìghrean na h-Albainn torr nas fhada na rìghrean na Sasuinn air taobh milleadh an cuid airgid, agus aig am Achd an Aonaidh de 1707 cha robh luach a' Phunnd Albannaich ach 1/12 mh de Punnd Shasannach. As deidh 1707 chleachd an da dhùthaich am Punnd Shasannach, a dh'aindeoin sin bha cuid Albannach a' measadh 1 s. 8 d. Shasunnach ( 1 Sgillinn agus 8 peighinn) a bhi na "punnd Albannach" iomadh bliadhna as deidh sin. Is e sin a bha Raibeart Burns a' ciallachadh nuair a sgrìobh e an sreath "Twa pund Scots twas a' her riches" anns a' bhàrdachd Tam o' Shanter.
Ged a dh'fhalbh am punnd Albannach os cionn 300 bliadhna, bha feum aig na Gaidheal a dh'aithneach an difir eadar am Punnd Sasannach agus am Punnt Éireannach sìos ri 2002, nuair a chuir Èireann a punnd seachad, a ghabhail pàirt an ruith-airgid ùr na h-Eòrpa: An Euro.