Robert Stevenson | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Glaschu, 8 dhen Ògmhios 1772 |
Dùthaich |
![]() |
Bàs | Dùn Èideann, 12 dhen Iuchar 1850 |
Àite-adhlacaidh |
Old Calton Cemetery (en) ![]() |
Teaghlach | |
Athair | Alan Stevenson |
Màthair | Jean Lillie |
Cèile |
Jane Smith (en) ![]() |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann Oilthigh Shrath Chluaidh |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | einnseanair, einnseanair-thogalach agus innleachdair |
Obraichean comharraichte | Taigh-solais Bell Rock |
Duaisean a fhuaras | |
Ballrachd | Comann Rìoghail Dhùn Èideann |
B' e innleadair a bh' ann an Robert Stevenson (Glaschu, 8 an t-Ògmhios 1772 — Dùn Èideann, 12 an t-Iuchar 1850), a tha ainmeil air sgàth nan taighean-solais a thog e.
Rugadh Robert Stevenson 8 an t-Ògmhios 1772 ann an Glaschu. Nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois chaochail athair agus dh'imrich a mhàthair a Dhùn Èideann far an deach Robert don sgoil. Ann an 1787 phòs a mhàthair a-rithist le Thomas Smith. Bha factaraidh obair-iarainn aige. Rinn e cuideachd lampaichean ùra le dealradairean aig an robh solas na bu shoilleire. Anns an àm seo cha robh na taighean-solais ach tùir le teine air a' mhullach no solas fann bho choinnlean. Bha na taobhan-mara glè chunnartach agus chaidh mòran bhàtaichean fodha. Thòisich Thomas Smith air taighean-solais a thogail leis na lampaichean ùra. Chaidh Robert don oilthigh ann an Glaschu agus an uair sin chaidh e ag obair leis a h-oide. Thog iad còmhla cuid taighean-solais air feadh na dùthcha.
Ann an 1805 thòisich Robert air planaichean a dhèanamh airson taigh-solais air "Creag a' Chluig" a thogail. 'S e creag anns a' mhuir a th' ann an "Creag a' Chluig" a bhios mu dheidhinn trì mìle air fhichead bho Obar Bhrothaig. B' e obair glè dhoirbh agus chunnartach a bh' innte. Bha a' chreag fo uisge aig làn mara. Chaidh a h-uile rud feumail a thoirt ann air bàtaichean seòlaidh – clachan, iarainn agus luchd-obrach. Cha robh ach piocaidean agus spaideachan aca. Anns a' gheamhradh no nam bitheadh an t-sìde dona, stoirmeil cha b' urrainn dhaibh a bhith ag obair. Bho àm gu àm sgrios a' mhuir na thog iad. Ann an 1811 bha an taigh-solais deiseil.
Eadar 1811 agus 1833 thog Robert Stevenson sia taighean-solais dheug ann an Alba. Rinn e cuideachd planaichean airson drochaidean, claisean-uisge agus calaichean. Bha triùir den mhic agus dithis de na h-oghaichean aige nan fir-togail taighean-solais cuideachd.
Chaochail Robert Stevenson 12 an t-Iuchar 1850 ann an Dùn Èideann.