Tha an sgian-dubh (IPA: [s̪kʲənˈt̪u]) (ann am Beurla gu tric mar skene-dhu) na biodag (sgian bheag) air a bheil aon fhaobhar a chithear mar phàirt de dh'aodach Gàidhealach gu tric. Bhiodh daoine ga cleachdadh airson iomadh adhbhar, eadar biadh ithe no ullachadh agus mar inneal airson rudan eile a ghearradh, can ròpannan no fiodh agus mar bhall-airm airson dìon pearsanta.
Chan fhaicear an-diugh i ach mar phàirt de dh'aodach Gàidhealach tradaiseanta fo bhann an osain leis an dùirn ri fhaicinn.