'S e stèidheachd no ionad a tha an urra ri oideachadh no teagasg ann an raointean sònraichte a th' ann an sgoil.[1] Tha am facal sgoil a' buntainn ri gach ìre foghlaim: bun-sgoil, àrd-sgoil, acadamh, colaisde, sgoiltean samhraidh, sgoiltean inbheach, fèin-sgoiltean, sgoiltean cànain, sgoiltean ciùil. Canar neach-teagaisg le fear no tè a tha a' teagasg ann an sgoil.[2]