'S e aon de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann an Sir Gaerfyrddin, gu goirid: Sir Gâr (Beurla: Carmarthenshire). Tha e suidhichte san àirde an iar-dheas na dùthcha agus tha e cho mòr ri 2.371km².[1] Ann an 2012 bha 184.317 duine a' fuireach ann.[1] Tha a' chuid as motha den t-sluagh a' fuireach ann an agus timcheall air Llanelli, ach 's e Caerfyrddin teis-meadhan rianachail Sir Gaerfyrddin.
A rèir a' chunntais-shluaigh ann an 2001 bha comas labhairt, leughaidh is sgrìobhaidh na Cuimris aig 39% dhiubh.