Is e cruth uisge reòite a tha ann an sneachd. Bithidh sneachd uaireannan a' frasadh bho na neòil nuair a bhitheas an teothachd beagan fo ìre reòthaidh. Is meanbh eagar de sneachd criostalan sgapta, ioma fillte, mar as tric an patran croise neo rionnaig. Chanar “bleideagan-sneachda” ri na criostalan seo. Tha bleideagan-sneachda, eu-coltach ri clachan-meallain, aotrom an coimeas leis an trast-thomhais agus tuitidh iad gu malla chun talmhainn. Is àbhaist do theothachd an àille a bhi nas ìsle aig àirdean as motha agus airson an adhbhar seo, bithidh sneachd uaireannan a' tuiteam gu talamh tro adhair a tha os cionn ìre reòthaidh. Anns an suidheachadh seo faodaidh don sneachd a ruigsinn na talmhainn aig inbhe eadar reòthadh agus leaghadh. Chanar flin ris a' mheasgachadh de sneachd agus uisge a tha ann a seo.
Ma bhitheas an sneachd a' tuiteam air fearann a tha os cionn ìre reòthaidh thèid a leaghadh- ach ma thuiteas e air talamh nas fhuara, bithidh e na laighe na staid reòite agus faodaidh dha a chruinneachadh na plaide a chuibhrigeas sgìre farsuinn.