Stendhal | |||||
---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||
1810 - 1814
17 dhen Ghiblean 1831 - 22 dhen Dàmhair 1841 | |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Marie-Henri Beyle | ||||
Breith | Grenoble, 23 dhen Fhaoilleach 1783 | ||||
Dùthaich |
![]() | ||||
Ciad chànan | Fraingis | ||||
Bàs | Paris, 23 dhen Mhàrt 1842 | ||||
Àite-adhlacaidh | cladh Montmartre | ||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (stròc) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Chérubin Beyle | ||||
Màthair | Henriette Gagnon | ||||
Cèile | no value | ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||
Foghlam | |||||
Cànain | Fraingis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd |
sgrìobhadair, fèin-bheatha-eachdraiche, sgrìobhadair leabhair-latha, beatha-eachdraiche, nobhailiche, dioplomat agus art historian (en) ![]() | ||||
Obraichean comharraichte |
Le Rouge et le Noir La Chartreuse de Parme On Love (en) ![]() Memoirs of an Egotist (en) ![]() Mémoires d'un touriste (en) ![]() Vanina Vanini (en) ![]() Lucien Leuwen (en) ![]() Armance (en) ![]() The Life of Henry Brulard (en) ![]() Rome, Naples and Florence (en) ![]() Racine and Shakespeare (en) ![]() Italian Chronicles (en) ![]() Q17358554 ![]() | ||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||
Gluasad |
fìorachas romantaigeachd | ||||
Far-ainmean | Stendhal, Henri Stendhal, Stendalis, Louis Alexandre Bombet, Anastase de Serpière, Don Flegme, William Crocodile agus Dominique | ||||
Gnè ealain |
psychological novel (en) ![]() nobhail | ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | neo-dhiadhaireachd | ||||
IMDb | nm0826543 | ||||
![]() |
B' e ùghdar Frangach a bh' ann am Marie-Henri Beyle (23 Faoilleach 1783 - 23 Màrt 1842) neo Stendhal (IPA: stɑ̃dal) mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Sgrìobh e tron chiad leth den 19mh linn. Sgrìobh e nobhailean, aistean agus leabhraichean air ealain agus eachdraidh.
Rugadh e ann an Grenoble air an 23mh latha dhen Fhaoilleach 1783 agus chaochail e ann am Paris air an 23mh latha dhen Mhàrt 1842.[1]
Sgrìobh e na nobhailean Le Rouge et le Noir (1830), La Chartreuse de Parme (1839) agus Lucien Leuwen (nach do chrìonaich e). Thathar dhen bheachd gu bheil a chuid bildungsroman (nobhailean ionnsachaidh) a cheart cho cudromach ris na sgrìobh Honoré de Balzac, Victor Hugo, Gustave Flaubert agus Émile Zola, seach gur e fear dhe na sgrìobhadairean Frangach a bu chliùitiche den 19mh linn a bh’ ann. Lorgaidh Stendhal “am fìoras, am fìoras searbh” anns na nobhailean aige, a sgrìobh e ann an nòs caomhnach dùinte, làn sgrùdaidhean eòlais-inntinn. 'S e sgeulachdan mu dheidhinn òganaich romansach beothail, làn faireachdainnean is leis a’ ghlòir na inntinn, a th’ anns a’ mhòr-chuid dhe na leabhraichean a sgrìobh Stendhal.
Chleachdadh e tòrr ainmean pinn, mar eisimpleir Louis-Alexandre Bombet et Anastase de Serpière a bharrachd air Stendhal agus Stendalis.[1][2] Thòisich e a’ sgrìobhadh leabhraichean air ealain mar L'Histoire de la peinture en Italie, (Gàidhlig: Eachdraidh a’ Pheantaidh anns an Eadailt), a nochd 1817 fon ainm 'Beyle'. Ach chleachd e an t-ainm “Mgr. Stendhal, oifigear eachraidh” (Fraingis: ”M. de Stendhal, officier de cavalerie”) san dearbh bhliadhna nuair a dh'fhoillsich e Rome, Naples, Florence.[3] Fhuair e an t-ainm pinn sin bhon bhaile Stendal anns a’ Ghearmailt, far an do rugadh Johann Joachim Winckelmann, àrc-eòlaiche, fear-eachdraidh agus aistear air cuspairean ealaine. Dh'fhuirich Stendhal faisg air a' bhaile sin eadar 1807 agus 1808 nuair a bha e a’ sùgradh Wilhelmine de Grisheim. Chuir e an litir H anns an ainm airson gum biodh coltas na bu Ghearmailtiche air, leis gu robh e ag iarraidh gum bìte ga fhuaimneachadh mar 'Standhal'.[4]
Bha e san Arm eadar 1800 agus 1802.[3] Chaidh e a dh'obair airson seirbheis chatharra na Frainge ann an 1810, agus ri linn sin, lean e Napoleon anns an Iomairt an aghaidh na Ruis ann an 1812.[3] Bha e uabhasach dèidheil air ealain agus air an Eadailt is rinn e tòrr tursan an siud.